Dachaigh Tachartas Blog/Naidheachdan Na Meadhanan Co-labhairt Inbhir Nis Cuir Fios Gu
INBHIR NIS
Gu h-ìosal:
- Siubhal gu Inbhir Nis
- Àite-fuirich
- Nithean Tarraingeach
- Taigh-cluiche Eden Court
Siubhal
Air Iteig:
Tha Port-adhair Eadar-nàiseanta Inbhir Nis mu ochd mile an ear air a’ bhaile. Tha busaichean a’ siubhal gu tric air ais ’s air adhart às a’ bhaile (timcheall air a h-uile 45 mionaid aig an àm as trainge – gheibhear clàran-àma air-loidhne). Gheibhear tagsaidhean agus càraichean air màl cuideachd. Tha eadar-lìon gun-uèir ann tro BT OpenZone. Tha itealain a’ siubhal gu iomadach port-adhair am Breatainn agus Èireann. Gheibhear tuilleadh fiosrachaidh air làrach-lìn a’ phuirt-adhair.
Air Rèile:
Tha na ceithir seirbhisean rèile a-mach à Inbhir Nis an urra ri First Scotrail:
- Deas dhan Aghaigh Mhòr agus a Pheairt, an uair sin Dùn Èideann/Glaschu. Tha ceangal ann le Sruighlea cuideachd.
- An Ear gu ruige Obar Dheathain, tro Inbhir Narann agus Eilginn
- An Iar gu Caol Loch Aillse, faisg air drochaid an Eilein Sgitheanaich
- Tuath tron Mhanachainn, suas gu Inbhir Ùige
Tadhail air www.thetrainline.com airson clàran-àma agus airson tiocaidean fhaighinn air-loidhne.
Air Rathad:
Gheibhear tiocaidean airson cho beag ri £1 air seirbheis ùr Megabus, a’ siubhal eadar Dùn Èideann, Glaschu, Dùn Dèagh, Peairt, Obar Dheathain agus Inbhir Nis. Tha seirbheis bhusaichean Scottish Citylink a’ siubhal eadar Inbhir Nis agus bailtean eile air feadh Alba (m.e. Cille Chuimein, An Gearastan, An t-Òban, An t-Eilean Sgitheanach, Ulapul, Inbhir Ùige, Obar Dheathain, Peairt, Dùn Èideann, Glaschu, msaa). Tadhail air an làrach-lìn airson clàran-àma.
Tha Busaichean Stagecoach agus Highland Country Buses (Rapsons) a’ dèiligeadh le na seirbheisean ionadail (m.e. baile Inbhir Nis, Srath Pheofhair, A’ Mhanachainn. Crombaidh, Inbhir Pheofharain, msaa). Gheibhear clàran-àma airson na seirbheisean seo aig stèisean bhusaichean Inbhir Nis no air travelinescotland.com
Airson fiosrachadh mu cheangalan còmhdhail (trèana, aiseag, itealan, bus), tha Comhairle na Gàidhealtachd air Iùl Siubhail fhoillseachadh, a ghabhas ceannach airson suim bheag airgid. Post-d gu public.transport@highland.gov.uk no fòn 01463 702695.
Astar rathaid:
Dùn Èideann – Inbhir Nis: 157 mìle
Glaschu – Inbhir Nis: 174 mìle
Inbhir Nis – An Gearastan: 65 mìle
Inbhir Nis – Ulapul: 57 mìle
Airson astar mhìltean a thomhas agus slighean eadar A agus B obrachadh a-mach, cleachd RAC Routeplanner no Google Maps.
Àite-fuirich
Tadhail air làrach-lìn VisitScotland airson àite-fuirich a chur air dòigh…
Inbhir Nis – prìomh bhaile an teas-mheadhan Gàidhealtachd na h-Alba, suidhichte aig ceann a’ Ghlinne Mhòir agus ri cladaichean na Linne Moireabh. Tha e air leth freagarrach fuireach an seo airson a’ Ghàidhealtachd fhaicinn. Tha iomadach àite-fuirich sa bhaile far am faigh thu anail a tharraing an deidh latha trang a’ siubhal na sgìre. Tha taghadh agad de thaighean-òsta, thaighean-aoigheachd agus leabaidh is bracaist. Ann an Inbhir Nis fhèin, tha a h-uile càil faisg air meadhan a’ bhaile, far a cùm pìopairean, cleasaichean agus fìdhlearan d’ aire far nam bùithtean! Mun cuairt a’ bhaile, tha grunn àitean a tha airidh air turas, bho Abhainn Nis gu Castle Garrison Encounter gu Taigh-tasgaidh agus Galaraidh Ealain Inbhir Nis. Le uibhir a chumas trang thu air do thuras, tha e cudromach gum faigh thu fois is comhfhurtachd nad àite-fuirich aig deireadh an latha.
Bheir sùil an seo airson na h-àitichean-fuirich air fad aig VisitScotland:
Àitichean-fuirich air fad an Inbhir Nis
Taighean-òsta an Inbhir Nis
Taighean-aoigheachd
Leabaidh is Bracaist
Ostailean an Inbhir Nis
Fèin-sholarachd an Inbhir Nis
Nithean Tarraingeach
Inbhir Nis – Prìomh Bhaile na Gàidhealtachd
Tha e na thlachd do dhuine sam bith a thadhaileas air a’ bhaile gu bheil am pailteas ri dhèanamh agus ri fhaicinn air feadh Inbhir Nis. Tha grunn thoglaichean eachdraidheil san t-Seann Bhaile a chì thu ’s tu mach ’s a-steach à bùithtean. Na fàg às an sealladh bhon chaisteal – chì thu e ma ghabhas tu cuairt ri bruach na h-aibhne. Airson ceum fhalainn air tràigh no an cois na mara, tha Inbhir Narann faisg air làimh. Air an rathad a-mach, tadhail air Raon-catha Chùil Lodair no theirig fodha ann an eachdraidh aig Càirn Chlàbha. Chan eil A’ Mhanachainn, le thoglach cràbhach eachdraidheil, Am Priory, agus bùithtean sònraichte, fàd às nas mò. Chun an iar-dheas, coimhead airson an neach-còmhnaidh as ainmeile sna tìrean seo, Nessie, Uilebheist Loch Nis, no tadhail air Gàraidhean Obar Itheachain an cois an locha.
Meadhan Baile Inbhir Nis
Tha meadhan a’ bhaile beag gu leòr airson cothrom a thoirt dhut coiseachd air fheadh. Tha Pàirce Chàraichean an t-Seanna Bhaile air Sràid an Ròs suidhichte am meadhan a’ bhaile, faisg air an Stèisean Bhusaichean, an Stèisean Rèile agus na prìomh bhùithtean. Tha taghadh agad anns an t-Seann Bhaile de dhiofar bhùithtean. Tha gu leòr bhùithtean sònraichte sa bhaile a’ tàladh dhaoine a-steach. Mar eisimpleir, gheibhear aodach agus uidheamachd sitig, aodach air fhidhe gu traidiseanta, leabhraichean, ceòl agus ciùird bho air feadh na dùthcha. Tha cuideachd bùithtean ann a’ reic stuthan traidiseanta leithid biadh is deoch, fèilidhean agus aodach breacanach, seudradh, òrnaidean agus pìosan ealain sgìreil. Càite an tòisich thu?!
Tha a’ Mhargaidh Bhictòrianach, san t-Seann Bhaile, a’ ceangal ri chèile na sràidean as trainge sa bhaile. Tha a’ Mhargaidh gu tur fo fhasgadh agus, mar sin, tha e tlachdmhor a bhith a’ coiseachd mun cuairt agus a’ tadhal air bùithtean sònraichte agus traidiseanta. Tha Sràid Àrd a’ bhaile an còmhnaidh trang, inntinneach, càirdeal agus làn dibhearsain. Chan fhaigh carbadan air an t-sràid seo, ga dèanamh uabhasach sàbhailte cuideachd. Bidh daoine inntinneach gu minig nan seasamh air an t-sràid, pìopairean Gàidhealach nam measg, agus cumaidh iad suund riut fhad ’s a tha thu a’ ceannach.
Tha a’phrìomh ionad bhùithtean (Eastgate), far a bheil na bùithtean àbhaisteach a chithear air feadh na dùthcha, faisg air làimh cuideachd. Chaidh an ionad a leudachadh o chionn ghoirid agus tha e air inbhe is cliù a chosnadh on uair sin. Tha Ionad Easgate a’ cur ris an tlachd a gheibhear anns na bùithtean sa bhaile. ’S e àite coinneachaidh sgoinneila th’ ann an Ceàrnag a’ Chlamhain agus tha an còmhnaidh rudeigin a’ dol air adhart ann.
Naidheachdan Gàidhlig
Tha cuairt-litir dà-chànanach’ ‘Cur is Fàs’, ga fhoillseachadh le taic bho Phlana Cànain agus Cultair na Gàidhlig airson sgìre Inbhir Nis, Bàideanach agus Srath Spè. Faic www.cnag.org.uk
Cultar
Tha traidisean na Gàidhlig air cùlaibh tòrr de dhualchas cultarach Inbhir Nis, ann an cànan, ceòl agus òran. Tha an fhèis bhliadhnail am Mòd Nàiseanta Rìoghail tric a’ tighinn a dh’Inbhir Nis anns an Dàmhair. Tha Mòd ionadail cuideachd ga chumail sa bhaile agus tha seo, cho math ri na Fèisean, a’ toirt deagh chothrom an ceòl agus na h-òrain Ghàidhlig agus Ghàidhealach as fheàrr a chluinntin.
Cànan
Tha cànan cudromach ann am beatha làitheil Inbhir Nis san latha an-diugh. Tha mòran de na h-ainmean àite air feadh a’ bhaile anns a’ Ghàidhlig no a’ tighinn on Ghàidhlig. Tha cuid de na h-ainmean le freumh Chruithnis. Cluinnidh sibh Gàidhlig ga bruidhinn sa bhaile fhathast.
Airson tuilleadh fiosrachaidh, tha grunn bhuidhnean Gàidhlig stèidhte sa bhaile a dh’innseas barrachd dhut mu chultar agus chànan na Gàidhealtachd. ’S dòcha gum bi feum anns na leanas:
www.bord-na-gaidhlig.org.uk
www.cnag.org.uk
www.ancomunn.co.uk
www.inbhirnis.org
www.cli.org.uk
www.gsi.org.uk
Taigh-cluiche Eden Court
’S e Eden Court a’ phrìomh taigh-cluiche airson na Gàidhealtachd agus nan Eilean. Tha caochladh chuirmean agus fhiolmaichean air prògram farsaing an taighe-cluiche. Tha cuideachd am prògram as motha de dh’fhoghlam ealain san dùthaich ri fhaighin aig Eden Court. Anns na dhà no thrì bhliadhnaichean a dh’fhalbh, tha Eden Court air a bhith air leth soirbheachail. Tha am barrachd is barrachd a’ dol gu cuirmean san taigh-cluiche agus tha e air stèidh seasmhach a thaobh ionmhas. Tha spèis mhòr aig an dà phrìomh bhuidheann maoineachaidh, Comhairle na Gàidhealach agus Comhairle Ealan na h-Alba, dhan taigh-cluiche. Tha iad bho chionn ghoirid air Eden Court ainmeachadh mar bhuidheann maoineachaidh bunaiteach.
Tha prògram Eden Court farsain, a’ gabhail a-steach cuirmean bho opera gu ceòl roc, dràma tomadach gu cuirmean èibhinn agus bho dhannsa nodha eadar-nàiseanta gu companaidhean coimhearsnachd ionadail.
Tha Eden Court a’ seirbheiseachadh sgìre na Gàidhealtachd ’s nan Eilean air fad (sgìre uibhir ris a’ Chuimrigh). Tha còrr is 30% de luchd-tadhail a’ siubhal airson barrachd air 90 mionaid airson cuirm fhaicinn. Tha iad a’ dèanamh uaill à mar a tha iad a’ coimhead às deidh an luchd-cleachdaidh agus tha iad a’ feuchainn ri meas a chur air dìlseachd a’ phobail. Tha iad a’ cur air dòigh prògram foghlaim air feadh na sgìre. Tha Eden Court cuideachd a’ cur air dòigh Feis Fhiolman Inbhir Nis agus Fèis Leabhraichean Inbhir Nis.
Chleachd taigh-cluiche airson 800 neach agus taigh-deilbh le 74 suidheachan a bhith ann an Eden Court, cho math ri àitichean poblach ann an seann toglaichean Bann A: an taigh-cluiche 1976 agus Lùchairt an Easbaig bho 1878. Tha a-nis taigh-cluiche ùr, le 270 suidheachan, aig Eden Court, cho math ri dà thaigh-deilbh, dà stiùidio foghlaim agus rumannan ullachaidh ùra. Tha na h-àitichean poblach uile air an leasachadh, tha na seann thoglaichean air an dèanamh suas agus tha an àireamh shuidheachan anns a’ phrìomh thaigh-cluiche air a dhol suas gu 860. Chaidh an toglach a dhealbh le ailteirean ainmeil Page / Park agus is e an ionad ealain as motha an Alba. Tha an pìos ùr den toglach air sealladh mhath a thoirt air na seann thoglaichean.