Dachaigh Tachartas Blog/Naidheachdan Na Meadhanan Co-labhairt Inbhir Nis Cuir Fios Gu
Farpais Òran ann an Cànanan Ceilteach agus Albais
Inbhir Nis, Alba – 20 Òg-mhìos 2009
DACHAIGH
’S e farpais òran a th’ ann an Nòs Ùr. Tha farpais òran do mhion-chànanan na h-Eòrpa, Liet International, ga chumail san Dàmhair 2009 ann an Leeuwarden, Freaslan, An Òlaind. ’S e farpais roinneil do na cànanan Ceilteach agus Albais a th’ ann an Nòs Ùr. ’S iad na cànanan ris an tèid gabhail ann an Nòs Ùr: Albais & Albais Ulaidh, Gàidhlig na h-Alba, Gàidhlig na h-Èireann, Gàidhlig Mhanainneach, Cuimreach, Còrnach agus Breton.
Air 20 Òg-mhìos 2009, thèid dà chòmhlan a thaghadh ann an Inbhir Nis (aon bhòt diùraidh, aon bhòt poblach) agus thèid iad sin air adhart gu farpais Liet International ann an Freaslan, a’ riochdachadh cànanan/roinnean Ceilteach agus Albais.
Cumaidh Institiùd OGE na Mìle Bliadhna co-labhairt acadaimigeach air mion-chànanan ann an Eden Court air 20 Òg-mhìos airson ceangal a-steach ri Nòs Ùr. Bidh cuideachd cuirm òigridh ann an Eden Court air oidhche h-Aoine, 19 Òg-mhìos, far am faicear air an àrd-ùrlar cuid de na còmhlain dheugairean as fhèarr a’ seinn ann an diofar chànanan Ceilteach agus Albais. Bidh bùithtean-obrach air gnìomhachas a’ chiùil ann do chòmhlain air madainn Disathairne, 20 Òg-mhìos. Fàilte oirbh uile.
Tha an là mu dheireadh airson ur oran a chur a-steach thugainn seachad. Bidh sinn a' foillseachadh na h-ainmean don luchd son cuairt deireannach aig toiseach a' Ghiblean.
Cuir d’ ainm ris an liosta againn agus cumaidh sinn fiosrachadh riut…
“Initiatives such as the Nòs Ùr regional contest and the Liet Lavlut, where Europe's regional and minority languages are in the limelight, provide an ideal opportunity to give these languages a new lease of life and a positive image which is often sorely lacking, particularly among young people. What better way to unite people, than with the universal language of music? These events substantially contribute to the richness of Europe, its culture and its diversity.”
Sonia Parayre, Oifigear Comhairle na h-Eòrpa, co-Rùnaire a’ Chomataidh Eòlaichean don Chùmhnant Eòrpach





